
Show Notes
‘S ann aig Joy Dunlop is Calum MacIllEathain a tha iuchair na Gàidhlig agus iad a’ tabhann taic dhuibh a thaobh a bhith a’ cleachdadh chromagan àrda no apostrophes ann an SpeakGaelic Extra na seachdain seo. It being October, Mòd preparation is on Joy's mind. Agus an dùil an cuireadh an sgioba peann gu pàipear airson an Là Litreachais? Plus, Joy and Calum have another riddle for you to try. Dèan cinnteach gun cùm sibh sùil air ar meadhanan sòisealta airson feuchainn air.
More from SpeakGaelic
Thig còmhla ri ar triùir ghaisgeach, Iain Urchardan, Joy Dunlop agus Calum MacIlleathain is iad a’ toirt thugaibh prèasant Nollaige tràth; eapasod ùr de SpeakGaelic Extra. ‘S ann nas fialaidh a tha sìthichean nan tòimhseachan air a bhith is iad air fear na seachdain seo a cheangal chun a' gheamhraidh agus an aimsir ris am bi sinn uile an dòchas, air Latha na Nollaig. And what about adding a few more flourishes to your vocabulary? Keep it simple by using words such as; deagh, droch, glè and ro to add some emphasis to your conversation. Is ma tha sibh fortanach ‘s dòcha gum bi rud no dhà eile ri lorg fon chraoibh. Dèanaibh cinnteach gum bi sibh ag èisteachd!
Bho dhorchadas a' gheamhraidh gu blàths an t-samhraidh, tha ar preasantairean a’ toirt thugainn podcast ùr SpeakGaelic Extra à diofar cheàrnaidhean den t-saoghail. Joy is busy sunning herself in Australia while Calum has brought out the thermals for a Scottish winter! ‘S ann glè ainneamh a gheibhear fiù ‘s greiseag bheag grèine an seo ann an Alba sna mìosan a tha romhainn! Ach an dùil cò aca a nì a' chùis san fharpais-cheist?
‘S iad Iain Urchardan agus Joy Dunlop a tha aig stiùir SpeakGaelic Extra na seachdaine. Abair gu bheil a' bhliadhna air a dhol seachad ann am priobadh na sùla! Entering the final month of the year and the darkness of winter; ‘s e a tha math a bhith an tac an teine ann an cuideachd an sgioba anabarrach math againn. Also, make sure to keep an eye on our social media channels to give this week’s riddle a whirl agus cumaibh cluas ri claisneachd airson an fhreagairt anns an ath phod-craoladh.
An t-seachdain sa ‘s e dithis làn dòchais a tha a’ toirt podcast ùr SpeakGaelic Extra thugaibh - Iain Urchardan agus Calum MacIlleathain. An dùil an còrdadh e ribh an cothrom a ghabhail siubhal à tìr-mòr a Chreag MhicIllEathain; check out if it’s big enough for a wee SpeakGaelic picnic?! Agus mar as àbhaist tha Calum is Iain beò an dòchas a' chùis a dhèanamh air an fharpais-cheist; however bad their track record might be! Dèanaibh cinnteach gum bi sibh ag èisteachd!
Haidh-Cù no Haiku? A’ togail cànan Le dithis SpeakGaelic Extra Joy is Calum, gast'! Am bi sibhse ri bàrdachd? ‘S mathaid dàn no luinneag? Well Joy and Calum have some lovely expressions relating to different parts of the day which might enhance your poetic creations. Co-dhiù a tha a’ siubhal aig beul an latha no a’ caithris na h-oidhche; inspiration can strike at any moment! Nach cuir sibh ur rannan thugainn air meadhanan sòisealta SpeakGaelic!