
Show Notes
Eadar an 1970n agus na 1990n chaidh 30,000 duine a ghannrachadh le Hepatitis C agus HIV an dèidh dhaibh stuthan fala fhaighinn bhon NHS. Cho-dhùin rannsachadh poblach, a mhair sia bliadhna, gun deach am fàiligeadh uair an dèidh uair le dotairean, an NHS agus riaghaltasan. Dhearbh Riaghaltas Westminster gun tèid sgeama airgead dìolaidh a chur an sàs agus gum faigh feadhainn a' chiad chuibhreann dheth as t-samhradh. Beagan uairean a thìde an dèidh do bhuil an rannsachaidh a bhith air fhoillseachadh, fhuair Anndra MacFhionghain cothrom bruidhinn ris an Urr Susaidh Roberts. Chaochail a h-athair, John Kenneth Algie, an dèidh dha fuil fhaighinn a bha air a thruailleadh le Hepatitis is HIV.
More from Taghta
Tha sgioba Taghta an seo leis na naidheachdan as ùire bho iomairt an Taghaidh 2026. The Taghta team with the latest news from the election campaign 2026.
Tha sgioba Taghta an seo leis na naidheachdan as ùire bho iomairt an Taghaidh 2026. The Taghta team with the latest news from the election campaign 2026.
Tha sgioba Taghta an seo leis na naidheachdan as ùire bho iomairt an taghaidh 2026.
Sgioba naidheachdan a' BhBC a' toirt sùil air 50 bliadhna de Chomhairle nan Eilean Siar, eadar na bliadhnaichean tràtha agus na dùbhlain a tha roimhpe an-diugh