SpeakGaelic

B2 Episode 15: Fànas | Space

SpeakGaelic

Show Notes

A bheil sibhse ag ionnsachadh Gàidhlig? Ma tha, is ann dhuibhse a tha am podcast seo! Tha sreath B2 de phodcast SpeakGaelic ag amas air luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre adhartach agus tha e air a thoirt thugainn leis a’ chraoladair agus sgrìobhaiche Iain Urchardan. Le Iain gur treòireachadh, ionnsachaidh sibh faclan agus abairtean ùra co-cheangailte ri diofar chuspairean agus beagan mu ghràmar cuideachd. Cuideachd anns gach podcast, gheibh sibh blasad de chultar agus dualchas nan Gàidheal agus bidh aoigh sònraichte a’ seanchas ri Iain. Gabhaidh na podcastan seo a chleachdadh nan aonar air neo an cois na sreath telebhisean SpeakGaelic air BBC ALBA agus tha goireasan ionnsachaidh ceangailte riutha rim faotainn air www.speakgaelic.scot. Are you a Gaelic learner aiming to take the final step towards fluency? If so, this podcast is for you. Presented by popular broadcaster and writer John Urquhart, series B2 of the SpeakGaelic podcast is aimed at advanced learners. John will share vocabulary and phrases that you can use in all types of situations as well as helping you to get to grips with some of the rules of the language. You’ll get the chance to learn more about Gaelic’s rich culture, past and present, and to join John as he welcomes a diverse range of guests who all share one thing in common; their love of the Gaelic language. These podcasts are designed to complement the other SpeakGaelic resources, including the television series on BBC ALBA. Additional learning materials can be found on www.speakgaelic.scot.

More from SpeakGaelic

Dec 19, 2024

Thig còmhla ri ar triùir ghaisgeach, Iain Urchardan, Joy Dunlop agus Calum MacIlleathain is iad a’ toirt thugaibh prèasant Nollaige tràth; eapasod ùr de SpeakGaelic Extra. ‘S ann nas fialaidh a tha sìthichean nan tòimhseachan air a bhith is iad air fear na seachdain seo a cheangal chun a' gheamhraidh agus an aimsir ris am bi sinn uile an dòchas, air Latha na Nollaig. And what about adding a few more flourishes to your vocabulary? Keep it simple by using words such as; deagh, droch, glè and ro to add some emphasis to your conversation. Is ma tha sibh fortanach ‘s dòcha gum bi rud no dhà eile ri lorg fon chraoibh. Dèanaibh cinnteach gum bi sibh ag èisteachd!

Dec 12, 2024

Bho dhorchadas a' gheamhraidh gu blàths an t-samhraidh, tha ar preasantairean a’ toirt thugainn podcast ùr SpeakGaelic Extra à diofar cheàrnaidhean den t-saoghail. Joy is busy sunning herself in Australia while Calum has brought out the thermals for a Scottish winter! ‘S ann glè ainneamh a gheibhear fiù ‘s greiseag bheag grèine an seo ann an Alba sna mìosan a tha romhainn! Ach an dùil cò aca a nì a' chùis san fharpais-cheist?

Dec 5, 2024

‘S iad Iain Urchardan agus Joy Dunlop a tha aig stiùir SpeakGaelic Extra na seachdaine. Abair gu bheil a' bhliadhna air a dhol seachad ann am priobadh na sùla! Entering the final month of the year and the darkness of winter; ‘s e a tha math a bhith an tac an teine ann an cuideachd an sgioba anabarrach math againn. Also, make sure to keep an eye on our social media channels to give this week’s riddle a whirl agus cumaibh cluas ri claisneachd airson an fhreagairt anns an ath phod-craoladh.

Nov 28, 2024

An t-seachdain sa ‘s e dithis làn dòchais a tha a’ toirt podcast ùr SpeakGaelic Extra thugaibh - Iain Urchardan agus Calum MacIlleathain. An dùil an còrdadh e ribh an cothrom a ghabhail siubhal à tìr-mòr a Chreag MhicIllEathain; check out if it’s big enough for a wee SpeakGaelic picnic?! Agus mar as àbhaist tha Calum is Iain beò an dòchas a' chùis a dhèanamh air an fharpais-cheist; however bad their track record might be! Dèanaibh cinnteach gum bi sibh ag èisteachd!

Nov 21, 2024

Haidh-Cù no Haiku? A’ togail cànan Le dithis SpeakGaelic Extra Joy is Calum, gast'! Am bi sibhse ri bàrdachd? ‘S mathaid dàn no luinneag? Well Joy and Calum have some lovely expressions relating to different parts of the day which might enhance your poetic creations. Co-dhiù a tha a’ siubhal aig beul an latha no a’ caithris na h-oidhche; inspiration can strike at any moment! Nach cuir sibh ur rannan thugainn air meadhanan sòisealta SpeakGaelic!

See all episodes →